A bhana-charaid,
Fàilte gu làrach-lìn Àrd-sgoil Gheàrrloch.
’S e àrd-sgoil bheag a th’ ann an Àrd-sgoil Gheàrrloch, suidhichte ann an sgìre bhrèagha de thaobh siar Gàidhealtachd na h-Alba. Bidh mu 100 sgoilear a’ frithealadh na sgoile is iad eadar 11 agus 18 bliadhna a dh’aois agus eadar B1 agus B6.
Bidh sgoilearan a’ tighinn à àiteachan cho fada tuath ris an Leathad agus Dùn Dhòmhnaill agus à àiteachan cho fada deas ri Toirbheartan agus Sìldeag.
’S iad na bun-sgoiltean a tha mar phàirt de Bhuidheann Co-cheangailte nan Sgoiltean againn Bun-sgoil Bhuail na Lùib, Bun-sgoil Pholl Iù, Bun-sgoil Gheàrrloch agus Bun-sgoil Shìldeag.
Tha a’ mhòr-chuid den fhiosrachadh a dh’fhaodadh a bhith a dhìth ort ri faighinn ann an Leabhar-làimhe na Sgoile ach ma tha ceistean sam bith agad, tadhail air an duilleig Cuir Fios againn a bheir stiùireadh dhut dhan neach/sgioba as fheàrr a fhreagras ort.
Taing mhòr airson tadhal air an làrach-lìn againn agus tha sinn an dòchas gum bi cothrom againn fàilte a chur ort dhan sgoil bheòthail, dhealasaich againn uaireigin anns an àm ri teachd.
Mgr Stiùbhart Caddell
Ceannard
Find all Highland Council jobs, including any opportunities to work in our school at: MyJobScotland (Highland Council)